Latest Posts

Changes in DescriptionScottishGaelic

Editor Comment

Added link to German translation


Revision Differences of Revision 2

Tha an duilleag seo ri faighinn ann an cànanan eile: ¶
[![flag_uk.png](/wlmedia/wlimages/flag_uk.png "View this page in english")](../Description) ¶
[![flag_es.png](/wlmedia/wlimages/flag_es.png "Ver esta página en español")](../DescriptionSpanish) ¶
[![flag_fr.png](/wlmedia/wlimages/flag_fr.png "Voir cette page en français")](../DescriptionFr) ¶
[![flag_de.png](/wlmedia/wlimages/flag_de.png "Diese Seite auf Deutsch betrachten")](../DescriptionGerman) ¶

# ¶

Ann an Widelands, tha thu ’nad cheannard cinnidh bhig. Chan eil càil ach prìomh-àras agad far a tha na stòrasan agad uile ’gan glèidheadh aig an toiseach. ¶

Rè a’ gheama, togaidh tu tuineachadh a’ fàs. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan a chruinneachadh – fiodh, biadh, iarann, òr ’s a bharrachd – airson cur ris an fhàs. Tha lìonra an eaconamaidh iomadh-fhillte agus eadar-dhealaichte airson gach treubh (na Tùsanaich, an Impireachd sna h-Atlantaich). ¶

Chan eil thu ’nad aonar air an t-saoghal agus thig an t-àm a thachras tu ri cinnidhean eile. Bidh cuid dhiubh càirdeil agus nì sibh malart, ma dh’fhaoidte. Co-dhiù, ma tha thu airson an saoghal a cheannsachadh, feumaidh tu saighdearan a thrèanadh agus sabaid. ¶

Bheir Widelands stoidhle cluiche àraidh dhut. Mar eisimpleir, tha siostam nan rathaidean glè chudromach airson an eaconamaidh agad: feumaidh tu gach uile bathar a thèid a chruinneachadh no a shaothrachadh a ghiùlan on dàrna togalach dhan togalach eile. ’S e na giùlanairean a nì an obair seo, agus coisichidh iad air na rathaidean. ’S ann ortsa a bhios an t-uallach gun cruthaich thu rathaidean a tha cho èifeachdach ’s a ghabhas. ¶

’S e feart tlachdmhor eile dhen gheama a tha san dòigh a stiùiricheas tu do chinneadh. Cha leig thu leas innse dha gach mac màthair dè nì iad – cha ghabhadh seo dèanamh co-dhiù on a bhios mìltean dhiubh agad aig deireadh an latha! Cha leig thu leas ach innse dhaibh gu bheil thu airson togalach a thogail am badeigin agus thèid luchd-togail ann. Air an aon dòigh, ma tha thu airson ionnsaigh a thoirt air an nàmhaid, cha leig thu leas ach ionnsaigh òrdachadh air taigh an fheachd aige agus thèid na saighdearan agad dhan chogadh. ’S e rìgh a th’ annad dha-rìribh: cha dèan thu ach ùghdarrachadh an dà chuid aig àm a’ chogaidh ’s na sìthe! ¶

Tha modh aon-chluicheadair aig Widelands le diofar iomairtean; innsidh na h-iomairtean sgeulachdan air na treubhan ’s air an strì aca ann an saoghal Widelands! Co-dhiù, cha tòisich an tuineachadh ann an da-rìribh ach nuair a choinnicheas tu ri caraidean air an eadar-lìon no air lìonra ionadail gus ìmpireachdan ùra a thogail còmhla – no gus càch a chèile a cheannsachadh air a’ bhlàr. Tha inntinn fuadain aig Widelands cuideachd gus dùbhlan a thoirt dhut. ¶

Aig deireadh na sgeòil, gabhaidh Widelands leudachadh ach an urrainn dhut an treubh agad fhèin a chruthachadh leis na togalaichean aige fhèin, saoghalan ùra a chruthachadh airson cluich annta agus fiù ’s seòrsaichean ùra de shaoghal a chruthachadh (carson nach togadh tu tuineachadh air a’ ghealach?). ¶